Gàidhlig
Mar Ionad Ealain na Gàidhealtachd tha Eden Court moiteil a bhith na àrainn ioma-chànanach agus na dhachaigh don Ghàidhlig ann an Inbhir Nis.
Tha fàilte bhlàth ron Ghàidhlig an seo aig Eden Court, co-dhiù a tha thu fileanta, ag ionnsachadh no le ùidh sa chànan.
Nì sinn cinnteach gu bheil an togalach, am prògram agus na tachartasan againn fosgailte ruigsinneach dhaibh-san a chleachdas a’ Ghàidhlig gu làitheil. Nam bu mhath leibh fiosrachadh a tha sa Bheurla fhaighinn sa Ghàidhlig, nach cuir sibh brath gu: feedback@eden-court.co.uk
Tha sinn trang ag obair air ro-innleachd ùr adhartach dhan bhuidheann shlàn ach an cuir sinn romhainn mar a bhios sinn a’ brosnachadh, a’ mealtainn agus a’ cleachdadh a’ chànain.
A’ taiceadh luchd-ealain
Tha sinn cuideachd dealasach mu bhith a’ cumail taic ri luchd-ealain Gàidhlig air feadh na h-Alba, ’s gu sònraichte air Ghàidhealtachd. Tha fiosrachadh is eòlas farsaing aig sgioba Eden Court agus sinn deiseil a bhith ga sgaoileadh a chùm leasachadh na roinne. Nach cuir sibh brath thugainn nam bu mhath leibh bruidhinn rinn mu phròiseact no beachd a tha aig ìre sam bith, ann an gnè ealain sam bith.
Faodar fiosrachadh do luchd-ealain agus companaidhean, a thuilleadh air mar a chumas sinn taic ri luchd-ealain na Gàidhealtachd, a lorg an seo.
Tha Gàidhlig aig Eden Court a’ faighinn taic o Bhòrd na Gàidhlig.