Sian: Tarsainn

Read this page in English.

Dh’fhosgail Fo-chanabhas 2026 leis an òran ùr Tarsainn, a chaidh a choimiseanadh gu sònraichte airson an tachartais, ga ghabhail gu poblach airson a’ chiad uair. Sheinn an còmhlan Gàidhlig Sianan t-òran do luchd-èisteachd a bh’ air am beò-ghlacadh, a’ toirt guth do na boireannaich Ghàidhealach a chaidh fhàgail à eachdraidh.

Air a choimiseanadh le Maoin nan Ealain Gàidhlig mar phàirt de chomharrachadh 50mh ceann-bliadhna Eden Court, chaidh an t-òran a sgrìobhadh gus boireannaich Ghàidhealach a tha air buaidh a thoirt, san àm a dh’fhalbh agus san latha an-diugh, a chomharrachadh, iadsan a tha air buaidh a thoirt air amannan cudromach ann an eachdraidh ach aig an aon àm, ann am briathran an sgoileir Gàidhlig Meg Bateman, ‘gun a bhith a-muigh no a-staigh’ - an làthair aig cridhe beatha na Gàidhealtachd, ged is ann ainneamh a gheibh iad làn aithneachadh air a shon.

Tha Fo-chanabhas air fàs gu bhith na phàirt fìor mhòr de chlàr-samhraidh Inbhir Nis agus tha e gu sònraichte cudromach gun deach an fhèis fhosgladh le òran ùr breagha le Sian ann am 50mh ceann-bliadhna Eden Court.

Rebecca Holt, Àrd-oifigear, Eden Court

Tha taic ris a' Ghàidhlig agus a bhith ga bhrosnachadh na phrìomhachas aig Eden Court agus bha sinn airson sin a chomharrachadh mar phàirt den 50mh Ceann-bliadhna againn.

Susannah Armitage, Ceannard Cluich-beò + Riochdachaidh aig Eden Court

Tha an t-òran a’ togail air an dìleab aig daoine leithid Màiri Mhòr nan Òran, na boireannaich aig Blàr a’ Chumhaing, Rona Lightfoot, agus luchd-iomairt SKAT (Skye and Kyle Against Tolls). Le bhith a’ dèanamh seo, tha e cuideachd coltach ri turas Eden Court fhèin, bho thaigh prìobhaideach gu àite coimhearsnachd a tha a-nis a’ cur fàilte air cultar is cruthachalachd na Gàidhlig.

Tha sinn fìor thoilichte faclan Tarsainn a thoirt dhuibh gu h-ìosal.

Leanaidh Fo-chanabhas aig Eden Court gu Didòmhnaich 30 Lùnastal.