Tha Riochdaire ùr againn aig Eden Court, le uallach airson Ealain Ghàidhlig agus Dhualchasach. Tha i air rud beag a sgrìobhadh mun chiad dà mhios aice agus na planaichean a th’aice airson an àm ri teachd.
We have a new Producer for Gaelic and Traditional Arts at Eden Court. Here she tells us a bit about her first few months and her plans for the future.
Bho thòisich mi san dreuchd ùr agam an seo, mar Riochdaire Ealain Ghàidhlig agus Dhualchasach aig Eden Court, bho chionn mìos neo dhà, tha an sgioba air fàilte bhlàth a chuir orm. Tha sinn airson a leithid de dh’fhàilte a chur air a’ choimhearsnachd air fad, nam measg luchd na Gàidhlig – luchd-fileanta, luchd-ionnsachaidh neo duine sam bith le ùidh sa chànan agus an cultar.
Tha deagh fhaireachdainn agam mun t-seòrsa togalaich a dh’fhaodadh a bhith ann an Eden Court. Àite làn Gàidhlig, far am faicear sàr-obair sa chànan air an àrd-ùrlar agus air an sgàilean, agus far an cluinnear i anns na h-oifisean, chun an taigh-bìdh agus Fon Chanabhas a-muigh. Àite far am faodar Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachaidhean sòisealta agus cruthachail. Àite a chuireas ri beatha chultarail nan Gàidheal ann an dòigh a tha fialaidh agus lèirsinneach.
Thairis air an ath bhliadhna deasaichidh sinn Plana Gàidhlig ùr agus cuiridh sinn air bhog pròiseactan ùr taobh a-staigh a’ chlàir-ama loma-làn aig Eden Court. Bho thraidiseanta gu co-aimsireil, bidh rudan ann dhan choimhearsnachd fharsaing againn, agus tha sinn an dòchas gum brosnaich sinn daoine eile an cànan ionnsachadh.
Tha duilleag ùr Ghàidhlig againn agus thèid barrachd fiosrachaidh a chur an sin nuair a nochdas e. Cùm sùil air, agus air na meadhanan sòisealta, gus an cluinn thu mu na planaichean agus amasan mòra againn.
Tha sinn deiseil agus deònach, agus tha sinn cuideachd fosgailte ri beachdan bho dhuine sam bith. Mar sin tha mi airson cuireadh a thoirt dhuibh uile a thighinn a bhruidhinn rium, neo post-dealain a chur thugam. Inns dhomh na tha dhìth oirbh mar luchd-amhairc agus luchd-ealain na Gàidhlig. Neo ma tha sibh a’ cruthachadh obair sa Ghàidhlig ann an sgìre sam bith, nach inns sibh dhomh mu dheidhinn? Tha mi a’ dèanamh fiughair ri cluinntinn bhuaibh!
Tha obair Ghàidhlig aig Eden Court, agus dreuchd na Riochdaire, a’ faighinn taic bho Bòrd na Gàidhlig.
Since I started my new role as Producer for Gaelic and Traditional Arts a few months ago the team have really welcomed me to Eden Court. We want to offer the same warm welcome to our whole community, including the Gaelic community, whether fluent speakers, learners or folk curious about the language and culture.
I have a great feeling about the kind of place Eden Court could be. A place full of Gaelic, where you can see it excel on our stages and screens and hear it everywhere, from the offices, to the café and spilling out from Under Canvas outside. A place where you can use Gaelic socially and creatively. A place that adds to Gaelic cultural life in a generous and visionary way.
Over the next year we will prepare a new Gaelic Plan and launch new projects to add to Eden Court’s already packed schedule. From traditional to contemporary, we’ll offer something to people across the diversity of the Gaelic community, and we hope to inspire some more people to learn the language along the way.
We have a new Gaelic page and we’ll be updating it regularly. Keep an eye there, and on social media, to hear about our big plans and ambitions.
We are ready and raring to go, and we’re open to input and ideas from anyone. So I’d like to invite you to come in and have a chat with me, or drop me an e-mail. Tell me about what you want and need, as Gaelic artists and audiences. Or if you are making work in Gaelic in any region, please tell me about it. I’d love to hear from you!
Gaelic at Eden Court, and the role of Producer, is supported by Bòrd na Gàidhlig.
This blog was beautifully written by: